Iomairt teasairginn às ùr sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadh
Thèid rannsachadh às ùr a dhèanamh thar saor-làithean na Caisge, an oidhirp lorg fhaighinn air fear à Glaschu a th' air a bhith a dhìth fad mìos anns a' Mhonadh Ruadh.
Cha deach Jim Robasdan, a tha 62, fhaicinn bho chuir e oidhche seachad ann am bothan air Oighreachd Mhàrr aig toiseach a' Mhàirt.
Tha na Poilis an dòchas gun cùm luchd-coiseachd sùil a-mach air a shon fhad 's a tha iad anns a' mhonadh tron Chàisg.