Fear a thuit le creig air bàsachadh

Bhàsaich fireannach an dèidh dha tuiteam le creig ann an Dùthaich MhicAoidh.

Thuit an duine, a tha a na 60an, ann an Daill, faisg air Diùrnais, feasgar Diardaoin.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn le cuideigin a chunnaic an duine. Chaidh a thogail le heileacoptair nam Maor-Cladaich gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, far an do chaochail e.

Thuirt na Poilis nach fhoillsicheadh iad ainm an duine gus an deadh innse dha theaghlach.

Thuirt labhraiche dha na Poilis nach robh amharas sam bith mun chùis, agus thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.