Fear a bha a dhìth mu thuath ga lorg

  • Air fhoillseachadh
Jason Brightwell SmithTùs an deilbh, Poilis na h-Alba

Tha Poilis na h-Alba air leigeal fhaicinn gun deach fear à Yeovil ann an Somerset a bha a dhìth, a lorg.

Bha dùil gun robh Jason Brightwell Smith, 43, air a bhi anns an sgìre timcheal Inbhir Theòrsa.

Ann am bràth-naidheachd feasgar Dhisathairne, thuirt na polais gu robh Mghr Brightwell Smith slàn agus sàbhailte.

Thug iad taing don phoball airson an cuideachadh.