"Prionnsabal uachdranas coimhearsnachd" ga sgaoileadh

Fearann

Aig co-labhairt bhliadhnail na buidhne Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, a ghabhas àite aig deireadh na h-ath-mhìos ann an Steòrnabhagh, thèid mìneachadh a dhèanamh air mar a bu chòir prionnsabal uachdranas coimhearsachd a sgaoileadh nas fheàrr gu sgìrean taobh a-muigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Chan eil ach cola-deug bho chaidh gabhail ri Bile ùr Ath-Leasachaidh an Fhearainn ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus ged tha gluasadan mòra air tachairt gu seo, gu sònraichte anns na h-Eileanan, chan eil an aon rud fìor mu àitichean eile.

"Tha sinn an dòchas a shealltainn na th' air tachairt am-bliadhna - chun na h-ìre seo co-dhiù - agus a' coimhead air ais agus air adhart," thuirt Mairead NicNeacail bho Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba.

"A' coimhead air ais air na coimhearsnachdan a th' air sealbh fhaighinn air an talamh aca fhèin, agus cuideachd airson taic a thoirt do bhuidhnean sam bith a tha an-dràsta an sàs ann an iomairt airson an talamh aca fhèin fhaighinn.

"Tha bliadhna gu math soirbheachail air a bhith againn.

"Tha Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn air a dhol tron Phàrlamaid.

"Tha iomadach buidheann - gu h-àraid anns na h-eileanan, a-muigh ann an Leòdhas agus na Hearadh - air sealbh fhaighinn air an talamh dhaibh fhèin.

"O chionn ghoirid chaidh àireamhan a chur ri chèile, 's tha sinn a' faicinn gu bheil mu 20% den talamh a tha daoine air sealbh fhaighinn air ann an sgìrean croitearachd," thuirt i.

Am measg na bhios a' bruidhinn aig a' cho-labhairt, tha Peadar Peacock gu bhith a' bruidhinn mu dheidhinn poileasaidh agus mar a tha an lagh air atharrachadh.

Bidh seann Chathraiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Dàibhidh Camshron, a' fosgladh na co-labhairt.

Bidh cuideachd Agnes Rennie bho Urras Oighreachd Ghabhsainn, a' bruidhinn ri buidhnean a tha an-dràsta a' feuchainn ris an talamh aca a cheannach, agus ri cuid a th' air a dhol tron phròiseas mar thà.