Riaghaltas Èireann a Tuath gan toirt gu lagh

A' Ghaeilge

Thèid a' bhuidheann Conradh na Gaeilge gu lagh, feuch toirt air Riaghaltas Èireann a Tuath ro-innleachd na Gaeilge a chur an gnìomh.

Tha an Conradh a' cur às leth an Riaghaltais ann am Béal Feirste nach do choilean iad an dleastanas a thaobh a' chànain.

Thuirt a' bhuidheann gur e "briseadh dùil uabhasach" a tha sin do choimhearsnachd na Gaeilge, 's gun robh iad "air an sàrachadh".

Thuirt Ceann-Suidhe na buidhne, Cóilín Ó Cearbhaill, gun deach ro-innleachd Ghaeilge fhoillseachadh san Fhaoilleach 2015, ach nach deach deach a chur an gnìomh.

Chaidh fhoillseachadh an dèidh co-chomhairle a rinn Ministear a' Chultair, Caral Ní Chuilín.

"Chan eil Conradh na Gaeilge, mar sin, sàsaichte nach deach gabhail ris an ro-innleachd fhathast, a dh'aindeoin nan ceumannan adhartach a chaidh a ghabhail," thuirt Mgr Ó Cearbhaill.

Ann am brath a dh'fhoillsich an Conradh Diluain, thuir iad gun robh iad a' toirt an Riaghaltais gu lagh gus an deadh ro-innleachd na Gaeilge 2015-2035 a chur an gnìomh, mar a th' air a shònrachadh fo Aonta Chille Rìmhinn 2006.