Briseadh-dùil dha Leòdhas is na Hearadh
- Published
Bha briseadh-dùil aig sgioba Leòdhais agus na Hearadh ann an Cupa Sheoc MhicAoidh agus iad a' call air breaban-peanais an aghaidh Ghoillspidh sa chuairt dheireannaich.
B' iad Goillspidh a chaidh air thoiseach le tadhal às dèidh 10 mionaidean den gheama.
Thill na Leòdhasaich gu làidir san dàrna leth is thàinig tadhal bho Scott Greumach, ged a bhuail am ball air Kerr aig Goillispidh air an t-slighe dhan lìon.
B' ann aig na Leòdhasaich a bha na cothroman a b' fheàrr às dèidh sin ach cha tàinig tadhail a bharrachd is chrìochnaich an geama 1-1.
Bha breaban-peanais a dhìth air a' cheann thall is b' e Goillspidh a thàinig am bàrr 3-2.
Tha na Leòdhasaich air co-dhùnadh gun pàirt a ghabhail ann an Cupa Sheoc MhicAoidh an ath-bhliadhna.
Tha iad 'son cothrom na Fèinne a thoirt dhan sgioba thaghte a bhios a' deasachadh airson Gheamaichean nan Eilean.