Ceist is Càineadh mu Aonta Baile

Caisteal Inbhir Nis Image copyright Thinkstock

Rinn eòlaiche eaconamach ann an Inbhir Nis càineadh air Comhairle na Gàidhealtachd mu na planaichean aca 'son Aonta Baile Inbhir Nis is na Gàidhealtachd.

Dh'iarr Tònaidh MacAoidh gun tèid uallach a chur air comhairlichean beachdachadh a-rithist air na molaidhean aca 'son an t-airgead a chosg.

Chaidh an t-aonta, luach £315m, aontachadh air a' mhìos a chaidh, le gealltanas gun tig buannachd dhan Ghàidhealtachd air fad.

Gheall Riaghaltas na h-Alba £135m, Riaghaltas Bhreatainn £53m is tha £127m a' tighinn bho bhuidhnean eile.

Thuirt Tònaidh MacAoidh nach eil e follaiseach an e dha-rìribh "airgead ùr" a tha seo uile gu lèir, no am biodh cuid dheth air a chosg air a' Ghàidhealtachd co-dhiù ged nach biodh aonta baile ann.

"Nàire"

Thuirt e gu bheil cuid de na planaichean a dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd "nàir", is gu bheil Roinn an Ionmhais aig Westminster is oifigich aig Holyrood air innse dha gun dèanadh iad fiughair ri molaidhean ùra.

Tha e a' cumail a-mach gu bheil gnothachasan ann an Inbhir Nis a cheart cho amharasach mun chùis 's a tha e fhèin.

Thog Mgr MacAoidh cuideachd ceist mun tuairmse air cia mheud obraichean a thig an cois an aonta.

Thuirt e nach fhaca e fianais sam bith air na bhios ann de dh'obraichean ùra.

Thuirt e, ge-tà, gu bheil an gnothach aig ìre thràth is gu bheil ùine ann na planaichean a leasachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile