Duais dha Irvine
- Air fhoillseachadh
Thuirt Jackson Irvine gu bheil Ross County air feum mòr a dhèanamh dha bho ghluais e bho Celtic.
Chaidh an Astràilianach ainmeachadh mar chluicheadair na mìos 'son a' Mhàirt, is e na phàirt den sgioba aig County a thog Cupa na Lìge.
Thàinig Irvine gu tuath an toiseach air iasad ann an 2014.
Chuir e an uairsin ainm ri cùmhnant dà bhliadhna leis na Staggies an-uiridh.
Thuirt e gu bheil e air tòrr a bharrachd chothroman fhaighinn bho ghluais e a dh'Inbhir Pheofharain, rud a rinn feum mòr dha.
"Tha an cluba air a bhith cho math dhomh", thuirt Irvine.
Earbsa
"Aig an aois agam, tha e cho cudromach a bhith a' cluiche gheamaichean agus tha am manaidsear air cothrom a thoirt dhomh, air earbsa a chur annam, agus air mo chluich san àite nàdarra agam air a' phàirc.
"S e ceum mòr air adhart a bha sin dhomh mar chluicheadair", thuirt e.
Ged a tha cupa mar thà aig County, tha Irvine fhathast an dòchas gum faigh iad àite sa phrìomh 6 san lìog cuideachd, rud a bha na phrìomh amas dhaibh aig toiseach an t-seusain.
"Gu mì-fhortanach, tha e a-mach às na làmhan againn fhìn a-niste", thuirt Irvine.
"Feumaidh sinn an gnothach a dhèanamh air Pàrtaig Disathairne, agus a bhith an dòchas gum bi na geamaichean eile nar fàbhar", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 14 Am Màrt 2016