£4m a bharrachd aig Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar agus airgead

Bidh £4m a bharrachd na bha dùil aig Comhairle nan Eilean Siar airson pròiseactan calpa san dà bhliadhna a tha romhainn.

Thèid an t-airgead a bharrachd ann am maoin-chalpa na Comhairle a chosg air rathaidean, foghlam, seirbheisean leabharlainn agus air pròiseactan dìon cladaich.

"Tha pàirt dheth a' tighinn bho phròiseactan a bhathas a' meas a bha a' dol air adhart anns a' phrògram chalpa a th' againn an-dràsta, agus tha sinn a-nise a' faicinn nach eil na pròiseactan sin a' dol a thighinn gu buil gum bi an ath-phrògram ann aig an ath-Chomhairle," thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Domhnallach.

"Agus mar sin dheth, feumaidh sinn an t-airgead calpa a chosg anns a' phrògram a tha seo, ro 2018," thuirt e.

Rathaidean

Chaidh £0.7m den £4m bho Ospadal ùr Bharraigh, pròiseact nach tèid air adhart sa phrògram chalpa seo.

"Feumaidh sinn an t-airgead sin a chosg, ach bha sinn gu math soilleir, ge b' e cò a bhios air a' Chomhairle às dèidh nan taghaidhean, gun robh as a' comharrachadh gum biodh am pròiseact a tha seo mar phrìomh phròiseact a thigeadh air adhart anns an ath-phrògram chalpa," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Rinn sinn an dearbh rud còig bliadhna air ais, agus thachair sin, agus tachraidh e a-rithist a thaobh Ospadal Bharraigh - ach tha treallaich obair ri dhèanamh fhathast mus ruig am pròiseact sin ìre," thuirt e.

Thèid an t-airgead a bharrachd a chur ri pròiseactan eile a th' air a bhith gann de dh'airgead ri linn nan gearraidhean a rinn a' Chomhairle.

"Tha sinn a' cur £800,000 a bharrachd ann a bhith a' dèanamh leasachaidh air na rathaidean," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Tha sin a' ciallachadh gun urrainn dhuinn rudeigin a bharrachd na lìonadh nan toll a bhios a' tighinn anns an rathad. 'S urrainn dhuinn padsaichean tòrr nas motha a dhèanamh, agus bidh sin nas seasmhaiche a' dol air adhart cuideachd.

Foghlam

"Tha sinn cuideachd a' dol a chur cnap math dheth - timcheall air £1m - ri foghlam. A-rithist, am prìomhachas a bh' againn air a chomharrachadh rona seo a thaobh obair-leasachaidh anns na sgoiltean, tha sinn a' toirt nam pròiseactan sin air adhart seach gun urrainn dhuinn sin a dhèanamh anns a' phrògram seo.

"Tha sinn gu lèir a' cur obraichean a-mach gu luchd-togail agus an fheadhainn a bhios ag obair air na rathaidean anns a' choimhearsnachd againn," thuirt e.

Thèid cuideachd pròiseact dìon cladaich air adhart aig an Fhadhal a Deas ann an Uibhist.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e pròiseact a tha sin a tha a' dol air adhart, agus tha sinn a' faighinn taic-airgid mhòir bhon Riaghaltas a thaobh sin. Chan eil sinne a' pàigheadh ach 20% dheth sin," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Agus bidh sinn cuideachd a' coimhead ri Stòras Uibhist pàirt dheth sin a mhaoineachadh cuideachd, 's tha sin a' ciallachadh gun urrainn dhuinn a-rithist feadhainn de na prìomhachasan eile a bh' ann a thaobh a bhith a' dìon an oirthir, na pròiseactan a tha sin a thoirt air adhart cuideachd.

"Tha dà phròiseact eile ann a dh'fhaodadh sinn a dhèanamh ma 's e 's gun soirbhich leinn ann a bhith a' tarraing a-steach maoin bho Stòras Uibhist, agus a-rithist 's ann shìos mu dheas a tha na pròiseactan sin a' dol air adhart," thuirt e.