Tuath-gaoithe fon phrosbaig
- Air fhoillseachadh

Beachdaichidh comhairlichean air a' Ghàidhealtachd air planaichean airson tuath-gaoithe sam biodh 12 chrann.
Tha a' chompanaidh RES air iarraidh Tuath-gaoithe Obar Ardair, faisg air Inbhir Fheàrna ann an Srath Narann, mu 12 mìle deas air Inbhir Nis.
Tha an làrach faisg air Tuath-gaoithe Dhùn Mhàgh Ghlais a tha ga thogail le SSE, ach chan eil e ann an sgìrean a th' air an comharrachadh air sgàth dualchais nàdarra.
Chuir comhairlean coimhearsnachd Shrath Narann agus Shrath Èireann an aghaidh nam planaichean aig RES.
Thog an dà bhuidhinn draghan mu bhuaidh choltais an tuath-ghaoithe air cruth na tìre.
Thèid beachdan Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas aig Comhairle na Gàidhealtachd iarraidh aig coinneimh an ath-sheachdain.