Rabhadh airgid do chroitearan

  • Air fhoillseachadh

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag ràdh gu bheil cunnart ann do chroitearan gun caill iad tuilleadh airgid ris an robh dùil aca.

Tha e air tighinn am follais gu bheil fada a bharrachd chroitearan agus tuathanach cuideachd air pàirt a ghabhail ann an sgeama nan othaisgean agus mar sin gum bi an t-suim airgid a gheibh daoine mu choinneimh gach othaisg gu math nas lugha na bha dùil.

Agus an Caidreachas mì-thoilichte gun d' fhuair tuathanaich mhòra cead pàirt a ghabhail ann an sgeama a chaidh a stèideachadh 'son taic do chroitearan air talamh bochd.