BBC Naidheachdan

Deugairean gan sàbhaladh

Published
image copyrightRNLI Inbhir Ghòrdain
image captionDealbh de sholas heileacoptair agus fònaichean-làimh nan deugairean.
Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis nigheanan Oidhche Mhàirt, agus iad air an glacadh air na creagan air Taobh Sear Rois.
Fhuair na Poilis, na Maoir-Chladaich agus bàta-teasargainn Inbhir Ghòrdain fios mu 9:00f Oidhche Mhàirt gun robh na deugairean ann an trioblaid.
Bha an làn air an glacadh agus iad a' coiseachd faisg air Baile an Todhair.
Fo stiùir nam Maor-Cladaich, chleachd an dithis solais air na fònaichean-làimhe aca airson an luchd-teasairginn a stiùireadh gu far an robh iad, agus chaidh an heileacoptair a chur gan ionnsaigh.
Chaidh an lorg agus iad mu 50m suas creag agus chaidh an togail leis an heileacoptair agus a thoirt gu sàbhailteachd.