Fear fo chasaid mhuirt sa Chùirt

Ealasaid NicAoidh Image copyright Poilis na h-Alba
Image caption Chaidh an corp aig Ealasaid NicAoidh a lorg an t-seachdain a chaidh.

Nochd fireannach, 70, anns a' Chùirt an Inbhir Nis Diardaoin co-cheangailte ri murt boireannaich ann am sgìre Bhaile a' Chnuic.

Cha do rinn Mìcheal Mac an Tàilleir, a bhuinneas do dh'Inbhir Nis, tagradh sam bith agus nochdaidh e a-rithist sa Chùirt an ceann seachd là.

Chaidh lorg fhaighinn air corp Ealasaid NicAoidh, 60, na dachaigh aig Cùirt Chinn Tàile Diardaoin a chaidh.

Dà là às dèidh sin, chaidh sgrùdadh muirt a thòiseachadh.

Thuirt na poilis gu bheil iad a' cumail taic ri teaghlach Ealasaid NicAoidh.

Tha na Poilis air cantainn gur e turchartas a th' ann gun deach boireannach eile a mhurt anns an aon taigh bho chionn deich bliadhna.

Cuideachd, tha comhairliche ionadail, Fraser Parr, air cantainn nach e àite cunnartach a th' ann am Baile a' Chnuic.