Oifigear Poilis a dhith an Lunnainn
- Air fhoillseachadh

Tha sgioba muirt aig Poilis a' Mhet a' sireadh oifigeir leotha, a bhuineas do dh'Inbhir Nis, agus a tha a dhìth ann an Lunnainn o chionn còig làithean.
Chunnacas PC Gòrdan Semple, 59, a tha a' fuireach ann an Kent, mu dheireadh air 1mh an Giblean faisg air Drochaid Lunnainn.
Bha e air a bhith aig coinneimh obrach aig Taigh-òsta an Shangri-La, ann an togalach an Shard, mu 12:30f. Chaidh a chlàradh air CCTV air Great Guilford Street aig 3:00f.
Chuir a chèile fios air na Poilis gun robh e air a dhol a dhìth an oidhche sin.
Thuirt a theaghlach gum biodh e tric a' siubhal gu Thailand, ach nach cuala iad gun robh e an dùil falbh a-null thairis.
Tha PC Semple geal, 5'10" de dh'àirde, 's e tapaidh, le a ghruaig air a lomadh.
Nuair a chunnacas mu dheireadh e, bha brògan donn air, briogais dhorcha, agus lèine lilac.
Bha e ag obair le aonad an dol-a-mach mì-shòisealta aig Poilis a' Mhet ann an Westminster.
Chan eil clann aige, ach tha teaghlach aige fhathast ann an Alba.
Thuirt an Det Àrd-Insp Cliff Lyons gun robh am feachd a' cumail inntinn fosgailte a thaobh mar a chaidh PC Semple a dhìth.
Bhathas a' dèiligeadh ris a' chùis mar rannsachadh airson duine a tha a dhìth agus ann an cunnart, ach ri linn dragh mu shàbhailteachd PC Semple, tha sgioba muirt an fheachd aig ceann an rannsachaidh.
Thathas ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fònadh chun a' Mhet, gun ainm a thoirt seachad, no fios a chur air Crimestoppers.