Maill air pròiseact sa Ghearasdan

An Gearasdan Image copyright Richard Webb/Geograph

Tha pròiseact luach £10m airson ionad bhùithdean anns a' Ghearasdan sia mìosan air dheireadh.

Bha dùil gum biodh na bùithdean - an leithid Marks and Spencer, Home Bargains agus Aldi - fosgailte aig àm na Nollaige am-bliadhna.

A-nis, feumaidh a' chompanaidh iarrtas dealbhachaidh a chur a dh'ionnsaigh Comhairle na Gàidhealtachd a-rithist.

As t-Samhradh seo chaidh fhuair a' chomapanidh Morbaine Eta cead-dealbhachaidh airson a' phròiseict.

Thèid a thogail air taobh tuath a' bhaile faisg air ionad Rio Tinto.

Cha deach obair sam bith a dhèanamh fhathast ge-tà, agus càball BT air dàil a chur air a' phròiseact.