Dh'eug an Hiortach mu dheireadh
- Published
Bhàsaich an neach mu dheireadh a bha beò a rugadh ann an Hiort.
Rugadh Raonaid NicIain san eilean anns an Iuchar 1922, agus bha i ochd bliadhna de dh'aois nuair a dh'fhàg na daoine air 29mh an Lùnastal 1930.
Chaidh i a dh'fhuireach a Bhruaich Chluaidh, far an do phòs i.
Chuir i na bliadhnaichean mu dheireadh aice seachad ann an dachaigh-cùraim sa bhaile.
Thill i corra-uair chun an eilein còmhla ri Hiortaich eile.
Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba, leis a bheil Hiort, gur e tè gu math prìobhaideach a bh' innte.
Thuirt Alasdair Bennett, Manaidear Tuaithe agus Eileanan a Tuath aig Urras Nàiseanta na h-Alba:
"'S e là brònach a th' ann, agus dha-rìribh deireadh linne, agus sinn a' cluinntinn gun do bhàsaich an Hiortach mu dheireadh.
"Bha mi cho fortannach 's gun do thachair mi ri Raonaid grunn thursan. Bha i gu math prìobhaideach, ach gu math coibhneil.
"Às leth Urras Nàiseanta na h-Alba, agus a h-uile duine a tha a' coimhead às dèidh Hiort, nochdamaid co-bhròn do a teaghlach agus a h-iomadh caraid."