BBC Naidheachdan

Tiriodh a' glèidheadh a leabharlainn

Published
image copyrightGordon Hatton/Geograph
Chan eil Eilean Thiriodh dol a chall na seirbheis leabharlainn aca mar pàirt de ghearraidhean Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, mar a bha an dùil gu ruige seo.
Sin na chuala Comhairle Coimhearsnachd an eilein aig coinneimh oidhche Chiadain bhon Chomh. Ruairidh MacCuthais.
Bidh an leabharlann a-nis fosgailte airson 35 uair de thìde gach seachdain agus Disathairne cuideachd, ach cha bhi dreuchd ann airson leabharlannaiche le teisteanas, ged a dh'fhaodas am boireannach a th' ann an-dràtsa cur a-steach airson dreuchd ùir.
Tha na molaidhean sin a' dol a sàbhaladh mu £10,000 dhan chomhairle, ach tha ceist ann a thaobh a' chothrom a bhios aig a' phoball fhaighinn ann leis gu bheil e fhathast san sgoil.

Tèarainteachd

"Bha sinn den bheachd an toiseach gun robh iad a' dol a dhèanamh air falbh leis an leabharlann air fad, agus gun cailleadh am boireannach a tha ag obair ann a h-obair," thuirt Mabel Nic Artair, a bha aig a' choinneimh.
"Agus nach biodh leabharlann ann do na sgoilearan, no don eilean air fad.
"Ged a tha e san sgoil, an leabharlann, tha e ga uisneachadh air feadh an eilein air fad.
"Sin an dragh a bh' againn an toiseach. Gum biodh e dùinte.
"Tha iad ag ràdhainn a-nis gu bheil Earra-Ghàidheal is Bòd a' dol a ghlèidheil an leabharlainn fosgailte, ach nach ann air uairean na sgoile, gum bi e fosgailte do mhuinntir an eilein feasgar agus Disathairne cuideachd, 's nach ann dìreach buileach airson clann na sgoile a bhios e.
"Bidh e fosgailte barrachd na tha e an-dràsta.
"Chan eil mi a' smaointinn gu bheil sin a' dol a shàbhaladh mòran airgid ma 's e sin a tha iad a' feuchainn ri dhèanamh.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil e a' dol a chosg barrachd.
"Tha mòran tèarainteachd a-nis anns an sgoil.
"Chan urrainn dhut dìreach coiseachd a-steach don sgoil mar a thoileas tu 's a dol don leabharlann.
"Feumaidh cuideigin a tha ag obair san sgoil a bhith ann gad leigeil a-steach agus dhan leabharlann, 's gad leigeil a-mach a-rithist.
"Tha thu a' feum t'ainm a chur ann an leabhar nuair a thèid thu a-steach, 's tha thu a' feum a chur ann a-rithist nuair a thèid thu a-mach.
"Cuideachd, an tè a tha ag obair ann an-dràsta, 's e leabharlannaiche a th' innte, tha iad a-nis ag ràdh nach leig iad a leas leabharlannaiche le teisteanas a bhith ann, 's gun dèan leas-leabharlannaiche a' chùis.
"Chan eil mi cinnteach an caill an leabharlannaiche ag againn a h-obair.
"Ach ma ghlèidheas i a h-obair, tha i a' dol a bhith ag obair nas fhaide na tha i an-dràsta, o chionn tha iad a' dol a bhith fosgailte san fheasgar agus madainn Disathairne," thuirt i.