Iomairt an taghaidh air tòiseachadh
Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter
- Air fhoillseachadh
Iomairt an taghaidh air tòiseachadh
Ceithir seachdainean bho an-diugh, bidh aig muinntir na h-Alba ri Pàrlamaid ùir a thaghadh.
Is e seo an còigeamh taghadh a chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh ann an 1999.
Aig an àm sin chaidh a ghealtainn gum biodh a' Phàrlamaid ùr eadar-dhealaichte.
Bha dùil gum biodh cothrom aice fuasgladh fhaighinn air cùisean nach faigheadh aire no ùine bho Westminster.
Ach ann an mar sin a tha cùisean air a bhith on uair sin?
Aig toiseach na h-iomairt, thug mi sùil air ais agus air adhart.