Aiseag Armadail "a' tuiteam às a chèile"

MV Coir' Uisg'
Image caption Thug Cal Mac an MV Coir' Uisg' - a chaidh a dhealbh airson slighe Armadail - air falbh gu slighe eadar Muile is an t-Òban.

Thàinig rabhadh gu bheil an t-seirbheis aiseig eadar Malaig agus Armadal a' tuiteam às a chèile, agus gun ach deich là bho chaidh clàr-ama an t-Samhraidh a chur an sàs.

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh nach eil an t-seirbheis aig Cal Mac a' frithealadh ceann a deas an Eilein Sgitheanaich mar a bu chòir, agus iad a' coireachadh nan soithichean a chaidh a chur an àite an t-seann aiseig a bh' air an t-slìghe, an MV Coir' Uisg'.

"Chan eil an t-seirbheis a tha seo air a bhith a' ruith ach airson deich là a-nise, ach an-diugh fhèin, agus suas chun an-diugh, tha i dìreach a' tuiteam às a chèile buileach glan," thuirt Ruairidh Moireach, cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite.

"Thug iad air falbh am bàta a bh' againn an seo bho chionn 12 bhliadhna - sin an Coir' Uisg' - a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothaich airson na slighe seo, agus gum biodh i a' frithealadh an Eilein Sgitheanaich fad an t-Samhraidh.

Trì Bàtaichean

"Ach chaidh a toirt air falbh as t-Fhoghar a chaidh, agus chaidh innse dhuinn nach robh i a' dol a thilleadh, bhon tha i a' dèanamh seirbheis ann am Muile, airson gum faigh muinntir Mhuile a dh'obair a h-uile là dhan Òban agus air ais.

"Agus tha i a' dèanamh 50 seirbheis san t-seachdain eadar an t-Òban agus Muile - agus tha sin gar fàgail às a h-aonais.

"Chuir iad trì aiseagan na h-àite - 's e sin an MV Loch Bhrùsda a tha bho chionn 20 bliadhna a' frithealadh Caolas na Hearadh; MV Lord of the Isles a tha 27 biadhna de dh'aois, agus nuair a ruigeas i a-nall (no ma ruigeas i a-nall) à Loch Baghasdail, bidh i a' dèanamh dhà no thrì de thursan a-nall eadar Malaig is Armadal; agus bàta ùr, sin an MV Lochinvar a chaidh a thoirt suas bho Chluaidh, agus a tha a-nise stèidhichte ann am Malaig.

"Mar a tha sinn air a bhith a' faicinn fiù 's anns an deich là a tha iad air a bhith a' ruith, tha na trì bàtaichean a tha sin cho mì-fhreagarrach 's a ghabhas airson na seirbheis.

"Na dhà bheaga - sin an Loch Bhrùsda agus an Lochinvar - chaidh iad sin a thogail airson gum bi iad a' tighinn gu tìr aig lamraigean, 's chan ann aig altan-aiseig.

"Ach 's e alt-aiseig a th' ann am Malaig agus ann an Armadal. Chan eil iad a' freagairt air sin ach aig amannan sònraichte den tìde-mhara.

"Mar sin dheth tha trioblaid mhòr mhòr ann. Tha Cal Mac ag iarraidh air na h-aiseagan sin obair a dhèanamh nach deach riamh an togail air a shon.

"An t-seachdain seo, air sgàth na tìde-mhara, tha iad air 12 sheirbheis a chur dheth eadar Malaig is Armadal.

"'S e an t-uabhas sheirbheisean a tha sin ris an robh daoine an urra.

Seirbheis Choileanta

"Tha daoine ag ràdh gum bi iad a' tighinn taobh eile, agus ma 's e sin mar a thig iad bidh iad dìreach a' seachnadh Slèite buileach glan.

"'S e fìor dhroch naidheachd a tha sin dhan fheadhainn a tha an urra ri obair na turasachd an seo.

"Agus cuideachd 's e àite gu math tarraingeach a th' ann an Slèite. Tha iomadach rud ann a tha a' tarraing dhaoine thuige.

"Agus cuideachd còmhla ri sin tha a' cholaiste againn an seo, 's tha an t-uabhas dhaoine a-null 's a-nall fad an t-Samhraidh às a' cholaiste, agus mura faigh iadsan a-nall air an aiseag, bidh na rathaidean - nach eil cho math co-dhiù - bidh iad gu math trang a-mach fad an t-Samhraidh.

"Tha sinn ag iarraidh gun tèid seirbheis choileanta a chur air ais an seo mar a bh' againn bho chionn 12 bhliadhna.

"Ma 's urrainn dhaibh an Coir' Uisg' a chur air ais, bha sinn a' tagradh sin bho thàinig am brath a bha seo a-mach san t-Sultain an-uiridh, ach cha deach feart sam bith a thoirt oirnn.

"Air neo bàta freagarrach air choireigin eile fhaighinn, a bheir dhuinn seirbheis choileanta an seo ann an Slèite a rèir a' chlàr-ama a chuir Cal Mac a-mach, agus a bheir seachad an t-seirbheis a tha daoine a' sùileachadh," thuirt e.

Reothairt Anabharrach

Thuirt Stiùiriche Ghnothaichean aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn, Drew Collier:

"Tha CalMac mothachail gun toir atharrachadh sam bith air seirbheis buaidh air na coimhearsnachdan a bhios sinn a' fithealadh, agus tha sinn a' cumail sùil gheur air an t-seirbheis seo gu h-àraid.

"Chunnacas àrdachadh 42% air bh' ann de luchd-siubhail air slighe Armadail sa chiad dà sheachdain de sheusan an t-Samhraidh an taca ris an aon àm ann an 2015, agus àrdachadh 53% air na bh' ann de charbadan ga cleachdadh.

"Tha an clàr-ama ùr seo a' giùlain barrachd dhaoine agus barrachd charbadan chun an Eilein Sgitheanaich air an t-slighe seo na riamh roimhe.

"Tha reothairt anabharrach air buaidh a thoirt air seirbheis Armadail thairis air an t-seachdain mu dheireadh, le 7% de sheòlaidhean air an cur dheth ri linn dhuilgheadasan ceangailte ris an làn a bhith ro ìosal no ro àrd.

"Bheir seo buaidh bho àm gu àm, agus tha sinn den bheachd gun gabh dèiligeadh ris, ach fiù 's leis tha barrachd sheòlaidhean air a bhith ann, le barrachd rùm air soithichean air an t-slighe seo na aig an aon àm an-uiridh.

"Chaidh 100% den iarrtas air an t-slighe seo a choileanadh air an t-Samhradh seo thuige seo, gun carbad sam bith a bhith air fhàgail.

"Tha sinn misneachail gun lean na seirbheisean a bharrachd a tha sinn air a chur air dòigh as t-Samhradh seo a' coinneachadh ris an iarrtas, agus gu dearbha, mar a tha figearan thuige seo a' sealltainn, gun tàl iad fiù 's barrachd dhaoine le bhith a' tabhainn roghainnean siubhail nas sùbailte.

"Ach, coltach ri slighe sam bith, cumaidh sinn oirnn a' coimhead ri mar a tha sinn a' coileanadh na seirbheis seo, agus cumaidh sinn ann an dlùth-chonaltradh leis na coimhearsnachdan.