Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dàibhidh Camshron

Chuir ministearan anns an Riaghaltas dìon air an dòigh anns an do làimhsich Dàibhidh Camshron ceasnachadh mun stòras far-thìre a bh' aig athair nach maireann, an dèidh dhan Phrìomhaire aideachadh gun do rinn e prothaid às na h-earrainnean. Thuirt Mgr Camshron gun do reic e na h-earrainnean bho chionn sia bliadhna agus gun do phàigh e na cìsean gu lèir. Tha na Làbaraich ag ràdh ge-tà, gu bheil am Prìomhaire dà-aodannach, 's gum feum e làn-aithris air a' chùis a thoirt do Thaigh nan Cumantan.

Companaidhean Sìonach

Thuirt riochdaire dhan dà chompanaidh à Sìona a tha an dòchas £10bn a chur ri pròiseactan ann an Alba nach eil dad aca ri chleith. Dh'innis Sir Ridseard Heygate dhan BhBC nach toir Sinofortone no an China Railway No. 3 Engineering Group feart air càineadh poileataigeach mu na còmhraidhean a th' aca ri Riaghaltas na h-Alba.

Stàilinn

Tha a' chompanaidh stàilinn eadar-nàiseanta, Liberty House, a' gabhail seilbh gu foirmeil an-diugh air an dà ionad ann an Siorrachd Lannraig a tha iad a' gabhail thairis bho Tata Steel aig Clydebridge agus Dalziel. Agus tha ceannard Liberty House, Sanjeev Gupta, ann an còmhradh cuideachd mu bhith a' gabhail thairis làrach gu math nas motha aig Tata Steel aig Port Talbot ann an ceann a deas na Cuimrigh.

Gòrdan Semple

Tha duine a tha 49 bliadhna de dh'aois, ga cheasnachadh mu mhurt oifigeir phoilis ann an Lunnainn. Fhuair na Poilis a bha a' coimhead airson Gòrdan Semple corp aig taigh ann an ceann an ear-deas a' bhaile. Chaidh fios a thoirt do theaghlach Mhgr Semple, a bhuineadh do dh'Inbhir Nis bho thùs.

Asad Shah

Tha am fear-lagha ainmeil ann an Glaschu, Amar Anwar, ag ràdh a-rithist gum feum na meadhanan a bhith faiceallach nuair a tha iad ag aithris air murt fhir na bùtha Asad Shah ann an Glaschu an t-seachdain seo chaidh. Thuirt Mgr Anwar gu bheil dragh air gum faodadh an t-seòrsa stuth a tha a' nochdadh anns na pàipearan-naidheachd agus anns na meadhanan sòisealta dragh a dhèanamh eadar diofar earrainnean den choimhearsnachd.

Aiseag Armadail

Tha muinntir Shlèite agus luchd-turais a' gearain mun t-seirbheis-aiseig ùir eadar Armadal is Malaig an dèidh do Chal Mac am bàta a bh' ann, an Loch Coir' Uisg' a chur gu slighe eile. Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh nach eil na bàtaichean a th' ann a-niste idir freagarrach airson na seirbheis, agus gu bheil sin a' cur maill air luchd-siubhail agus a' dèanamh cron air eaconamaidh na sgìre.