Corp Ghòrdain Shemple ga dhearbhadh

  • Air fhoillseachadh
Gòrdan SempleTùs an deilbh, Gordon Semple

Dhearbh Poilis a' Mhet ann an Lunnainn gur e corp PC Ghòrdain Semple a chaidh a lorg ann an togalach ann an sgìre Southwark ann an ear-dheas a' bhaile.

Chunnacas PC Semple, a bha 59, mu dheireadh air 1mh an Giblean an dèidh dha a bhith aig coinneimh obrach ann an togalach an Shard, faisg air Drochaid Lunnainn.

Lorg na Poilis corp Diardaoin ann an togalach ann an Southwark. Chaidh fireannach, 49, a chur an grèim fo amharas muirt.

Ann am brath, thuirt cèile Mhgr Semple, Gary Meeks, agus a bhràthair Ronnie, gum biodh "ar saoghal na bu mhiosa às aonais."

"A' còcaireachd"

Thuirt am Met gur e "là gu math brònach" a bh' ann, agus gum bualadh bàs PC Semple air a cho-obraichean.

Thuirt Heather Brown, a tha a' fuireach faisg air far an deach an corp a lorg, gun do cheasnaich nàbaidh agus a bhràthair duine mun "fhàilleadh uabhasach" a bha a' tighinn on flat aige, a dh'aindeoin 's gun robh coinnlean cùbhraidh aig an doras grunn làithean.

Nuair a ghnoc iad air an doras airson bruidhinn ris mu dheidhinn, thuirt an duine nach robh e ach "a' còcaireachd," thuirt a' Bh.Ua. Brown.

Thathas a' tuigsinn gun do dhùin na Poilis siùtaichean sgudail nan togalaichean.

Thuirt bràthair Mhgr Semple, Ronnie: "Às leth cèile Ghòrdain Gary, mo bhean Maureen, mac-bhràthair Ghòrdain Paul, a nighean-bhràthair Kerry, agus às mo leth fhèin, bu mhath leam taing a thoirt dhan a h-uile duine airson an cuid smaointean coibhneil thairis air an t-seachdain uabhasach a dh'fhalbh.

"'S e àm uabhasach a bh' ann dhuinn uile, gu h-àraid Gary... bha gràdh mòr air Gòrdan mar chèile, bràthair, bràthair-chèile, uncail agus co-ogha, agus bidh ar saoghal nas miosa às aonais."

Dh'fhàg PC Semple a dhachaigh ann an Greenhithe, Dartford, Kent, Dihaoine seo chaidh, agus chunnacas mu dheireadh e faisg air Drochaid Lunnainn an dèidh coinneimh obrach aig Taigh-òsta Shangri-La ann an togalach an Shard. Dh'fhàg e a' choinneamh mu 12:30f.

Chunnacas e dà uair de thìde gu leth às dèidh sin air CCTV air Great Guildford Street, Southwark.

'S e Inbhir Niseach a bh' ann bho thùs, agus bha e air obrachadh do Bhanca na h-Alba mus deach e na fhear-poilis bho chionn 30 bliadhna.