Guillermo Santana MacFhionnlaigh is a bhean, Patsy
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Là an Tartain am Buenos Aires

10 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha ceòl na pìoba ri chluintinn aig Là an Tartain Disathairne.

Chan ann ann an New York a bha seo idir, ge-tà, ach ann am prìomh bhaile Argentina, Buenos Aires.

Bha cultar na h-Alba ga chomharrachadh ann an sin cuideachd mar phàirt de shreath thachartasan sa bhaile 'son aire a thoirt dha na diofar choimhearsnachdan imrich a thàinig dhan dùthaich thar iomadh bliadhna.

Aig an tachartas, chaidh aithne a thoirt do fhear airson an obair a tha e a' dèanamh a thaobh na Gàidhlig.

Bhruidhinn Angela NicIlleathain, a bha aig an tachartas, ri Guillermo Santana MacFhionnlaigh às dèidh làimhe.