Fear ga lorg air a ghoirteachadh
- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis ann an Inbhir Nis air fiosrachadh iarraidh às dèidh mar a chaidh fear a lorg air an t-sràid sa bhaile agus e air a ghoirteachadh mun cheann.
Chaidh a lorg air Rathad Allt a' Mhuilinn mu 01:20m Didòmhnaich.
Tha e a-nis ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir, agus e gu math meadhanach.
Bha na Poilis air fiosrachadh iarraidh mu chàr Ford Fiesta a chunnacas san sgìre, ach tha iad air lorg fhaighinn air sin a-nis.
'S e duine mòr a th' anns an neach a chaidh a ghoirteachadh, agus bha aodach dorcha air aig an àm.