Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bàt'-iasgaich

Tha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a' feuchainn ri dhèanamh a-mach dè bu choireach gun deach bàt'-iasgaich fodha faisg air Miughlaigh tràth sa mhadainn Disathairne. Chaill dithis den chriutha am beatha, chaidh aig aon duine air snàmh gu tìr, agus tha an ceathramh fear fhathast a dhìth an dèidh dhan bhàta, Louisa, a tha clàraichte ann an Steòrnabhagh, a dhol fodha.

Sgoiltean Dhùn Èideann

Tha luchd-einnsinnìridh ann an Dùn Èideann a' dèanamh sgrùdaidh air 17 sgoiltean anns a' bhaile a tha dùinte le dragh mu shàbhailteachd. Chaidh iad uile a thogail no a leasachadh fo sgeama PFI. Thuit balla aig aon bhun-sgoil anns an Fhaoilleach, agus thàinig rudan ceàrr am follais a-rithist aig dà sgoil eile an t-seachdain seo chaidh. Tha an dùnadh a' toirt buaidh air mu 7,000 sgoilear anns a' bhaile.

Cìsean

Tha an Seansalair, Seòras Osborne, a' beachdachadh air fiosrachadh fhoillseachadh an t-seachdain seo mu a chuid airgid fhèin agus cìsean. Tha na pàrtaidhean dùbhlain ag ràdh gum feum ceannardan poileataigeach a bhith gu math na soilleire an dèidh na thàinig am follais ann am Pàipearan Phanama, agus cùisean an ionmhais aig Dàibhidh Camshron. Bheir am Prìomhaire fiosrachadh do Thaigh nan Cumantan feasgar air dè tha an Riaghaltas am beachd a dhèanamh airson stad a chur air seachnadh chìsean.

Eaconamaidh na h-Alba

Tha dà sgrùdadh ùr den bheachd gu bheil maill a' tighinn air eaconamaidh na h-Alba. Tha an luchd-cunntais, BDO, agus Banca na h-Alba ag ràdh gu bheil an roinn phrìobhaideach gu h-àraid a' fàs slaodach, agus gu bhel coire, gu ìre, aig crìonadh ann an gnìomhachas gas agus ola a' Chuain a Tuath ri sin.

An Taghadh

Ann an iomairt an taghaidh an-diugh airson Pàrlamaid na h-Alba tha an SNP a' bruidhinn air gealltanas do sheann daoine. Tha na Tòraidhean a' moladh faochadh bho chìsean do ghnìomhachas cur gheall, agus tha na Libearalaich Dheamocratach agus na Làbaraich ag ràdh gun toireadh iad cuideachadh do dh'oileanaich leis na cosgaisean a tha a' tighinn orra.

Stàilinn

Tha dùil ri aonta an-diugh fo an tèid ionad stàilinn Scunthorpe ann an Sasainn, aig a bheil mu 4,000 duine ag obair, a chumail fosgailte. Tha Greybull Capital a' ceannach an ionaid sin bho Tata Steel a reic dà ionad ann an Siorrachd Lannraig mar thà, agus tha a-niste a' feuchainn ris a' chòrr den cuid obrach ann am Breatainn a reic.