"An call as miosa ann an iomadh bliadhna"

An Louisa

B' e call a' bhàta-iasgaich an Louisa faisg air Miughlaigh air an deireadh-sheachdain an call a bu mhiosa a dh'fhulaing an gnìomhachas anns an sgìre ann an iomadh bliadhna, a rèir rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar.

Bha Donnchadh MacAonghais a' bruidhinn agus luchd-teasairginn ag aideachadh nach eil mòran dòchais ann a-nis gun tèid an duine a tha a dhìth fhathast bhon eathar a lorg.

"Seo an tubaist mara a bu mhiosa aig gnìomhachas an iasgaich bho chionn còrr iar 60 bliadhna," thuirt Mgr MacAonghais.

"Agus tha ar co-fhaireachdainn 's ar n-ùrnaighean leis na teaghlaichean ann an Steòrnabhagh 's anns na Hearadh 's ann an Inbhir Theòrsa, agus gu h-àraid na balaich air na Lochan leis an robh an eathar.

"Tha sinn a' faicinn gur e suidheachadh cunnartach a th' anns an iasgach, agus tha seo a' toirt fa-near dhuinne na tha a' call am beatha aig muir," thuirt e.

Tha dithis eile de na bh' air bòrd air caochladh - chaidh iadsan ainmeachadh gu h-ionadail mar Martin Johnston à Hàcraig ann an Gallaibh, agus Chris Moireasdan às na Hearadh.

Thathas a' tuigsinn gun do thòisich an Louisa a' gabhail uisge tràth madainn Disathairne, agus i aig acair far chladaichean Mhiughlaigh, deas air Barraigh.

B' fheudar dhan cheathrar a bh' air bòrd teicheadh.

Nuair a ràinig heileacoptair nam Maor-Cladaich à Steòrnabhagh agus bàta-teasairginn Bharraigh làrach na tubaiste, bha dithis marbh.

Chaidh aig an duine mu dheireadh a bh' air bòrd air snàmh gu creagan, far an deach a lorg le luchd-teasairginn 's a thoirt gu sàbhailteachd.

Tha iomairt a' leantainn airson lorg fhaighinn air a' cheathramh duine a tha fhathast a dhìth, ged a dh'aidich an luchd-teasairginn nach eil mòran dòchais aca.

Bha an Louisa na bàta-crùbaige 15 meatar de dh'fhaid a bha clàraichte ann an Steòrnabhagh.

Chaidh a cur air bhog ann an 2009.

Tha luchd-sgrùdaidh bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a' feuchainn ri dhèanamh a-mach dè bu choireach gun deach i fodha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo