"Earbsa" ann an sgoiltean PPP na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt cathraiche Comataidh Foghaim Chomhairle na Gàidhealtachd gu bheil e misneachail nach eil trioblaidean ann leis na sgoiltean san sgìre sin a chaidh a thogail fo cùmhnantan PPP.

Bha sgeamaichean PPP airson sgoiltean ùra a thogail connspaideach aig an àm, agus a-niste tha draghan ann mu shàbhailteachd nan sgoilearan ann an cuid dhiubh.

Chaidh 17 sgoiltean a chaidh a thogail fo na cùmhnantan a dhùnadh an t-seachdain seo ann an Dùn Èideann, le 7,000 duine-cloinne far na sgoile ri linn.

Thuirt Drew Millar gum bu chòir earbsa a bhith aig pàrantan gun robh an obair measaidh air na sgoiltean a chaidh a thogail fo aonta PPP aig àrd-ìre.

Tha a' Chomhairle a' cumail chòmhraidhean leis na companaidhean a bha an lùib na h-obrach-togail aig an àm airson nan 14 sgoiltean ann an sgìre na Comhairle.

Aig a' cheart àm ge-tà, thuirt a' Chomhairle gun deadh prògram eile de mheasaidhean a chur air dòigh an t-seachdain seo.