Naidheachdan on 19mh Linn
- Air fhoillseachadh

Dè bha a' tachairt do Ghàidheil na h-Alba air an là seo san 19mh Linn?
Tha tè de dh'àrd-òraidichean Roinn na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu air a bhith a' sgaoileadh chriomagan bho phàipearan-naidheachd na linne, is aithrisean mun Ghàidhlig is na Gàidheil, air Twitter, fo #airanlaseo.
Eadar ainmean shoithichean - agus Gall a' toirt ionnsaigh air Gàidheal air bòrd soitheach 'son a' Ghàidhlig a bhruidhinn - 's iomadh rud a tha a' nochdadh.
"Tha mi air a bhith a' dèanamh rannsachaidh air an 19mh Linn, air a' Ghàidhealtachd 's an 19mh Linn, 'son deagh ghreis a-nis," thuirt an Doctair Sheila Kidd bho Oilthigh Ghlaschu, a bhios a' sgrìobhadh nan aithrisean air Twitter.
Birmingham
"Agus tha mi air uiread de dh'fhiosrachadh a chruinneachadh, 's bha cuid dheth, cha robh e idir soilleir dhomh dè bha mi a' dol a dhèanamh leis.
"Cha robh mi a' dol ga chleachdadh anns na tha mi a' sgrìobhadh, ach bha mi cinnteach gun robh mi airson rudeigin a dhèanamh leis an fhiosrachadh seo.
"'S ann mar sin a bhuail e orm gun robh cothrom 's dòcha a bhith ga sgaoileadh air Twitter.
"Gu ruige seo, tha a h-uile rud air buntainn ris a' Ghàidhlig ann an dòigh air choireigin - ged a tha cothrom gun atharraich sin beagan anns na seachdainnean is mìosan a tha romhainn.
"Uaireannan rudan mu dheidhinn cleachdadh na Gàidhlig, mu dheidhinn inbhe a' chànain - no dìth inbhe a' chànain.
"Sanasan obrach mar eisimpleir, far an robh feum air Gàidhlig.
"Tha aon eisimpleir ann, sanas obrach a nochd anns a' Ghlasgow Herald ann am meadhan na 19mh Linne. Bhathar a' sireadh duine a bhiodh a' reic deoch-làidir, agus bha iad a' sireadh duine le Gàidhlig.
"Bha sin fhèin gu math inntinneach, ag innse gu leòr mu dheidhinn na h-àireimh de Ghàidheil a bh' ann am baile Ghlaschu ann am meadhan na 19mh Linne.
"Tha criomagan agam bho iomadh àite. An rud a sgaoil mi an-diugh 's e rud car aotrom a bh' ann.
"Chan ann air a' Ghàidhealtachd a nochd e idir ach anns a' Bhirmingham Daily Post, a tha ag innse mu dheidhinn boireannaich ann am Bun Obha a bh' air aois 101 a ruigsinn.
Tùsan
"Tha an sgeulachd ag innse gun robh i fhathast a' leughadh a' Bhìobaill Ghàidhlig às aonais speuclairean, agus gun robh i air a bhith a' smocadh fad 60 bliadhna!
"Bha sin gu math aotrom an coimeas ri cuid de na criomagan eile.
"Tha na pàipearan-naidheachd dìreach mìorbhailleach mar thùs. Cha ghabh an cleachdadh às aonais thùsan eile, ach mar phàirt den dealbh tha iad air leth cudromach.
"Tha na pàipearan-naidheachd taobh a-staigh na Gàidhealtachd, leithid an Courier 's an Oban Times, ag innse mun dòigh san robh Gàidheil a' coimhead orra fhèin, a' coimhead air an t-saoghal taobh a-muigh na Gàidhealtachd.
"Agus tha na pàipearan eile ag innse dhuinn mar a bha Sasannaich agus Albannaich a' coimhead air na Gàidheil.
"Tha e a' fosgladh uinneige air Gàidheil na 19mh Linne," thuirt i.