Ainmean nan iasgairean gam foillseachadh
- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich na Poilis ainmean a' cheathrar iasgairean a bh' air bòrd a' bhàt'-iasgaich an Louisa a chaidh fodha far Mhiughlaigh madainn Disathairne.
Chaidh dithis den chriutha fhaighinn marbh.
'S iad sin Martin Johnstone, 29, à Hàcraig ann an Gallaibh, agus Chris Moireasdan, 27, à Steòrnabhagh.
Tha an ceathramh fear, a tha fhathast a dhìth, air ainmeachadh mar Paul Alliston (roimhe Mac a' Mhaoilein) 42, às na Lochan ann an Leòdhas.
Chaidh aig a' cheathramh duine, a tha na 20an agus a' fuireach sna h-Eileanan Siar, air snàmh gu creagan, far an deach a thogail le luchd-teasairginn. Cha deach a ghoirteachadh gu dona.
Tha Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a' dèanamh sgrùdaidh air a' mhuir far an deach an soitheach fodha, feuch dè dh'adhbharaich an tubaist.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Giblean 2016