Dànachd nan Uaineach

Is e taghadh cudromach a tha seo don a' Phàrtaidh Uaine ann an Alba.

Fhuair iad a' bhuannachd aca fhèin bho iomairt an reifrinn ann an 2014 agus a' bhallrachd aca air a dhol suas còrr is a sia uidhir on uair sin gu 9118 an-diugh.

Mar sin, bu mhath leotha toirt air na tha aca de bhuill aig Holyrood fàs cuideachd, bhon dithis a tha an-dràsta don seachdnar a fhuair iad ann an 2003, no nas motha.

Chan fhurasta dhaibh sin a dhèanamh.

Tha taic nan Uaineach cho sgapte air feadh na dùthcha gu faodadh iad cur ris a' bhòt aca gun toradh mòr - no toradh sam bith - fhaighinn às.

Ach tha iad an dòchas nach tachair sin an turas seo.

Dàna

Leis an fhoillseachan a nochd iad an-diugh, tha am pàrtaidh a' feuchainn ri beàrn a lìonadh air chlì an SNP a-measg na feadhna a bhòt airson neo-eisimeileachd ann an 2014.

Tha iad a' tomhas gum bu dàna le cuid dhiubh a dhol na b'fhaide.

Ann an reifreann eile, their iad an-diugh gum biodh iadsan ag iomairt airson neo-eisimeileachd a-rithist agus gum bu chòir an sluagh - seach am prìomh mhinistear - cur romhpa cùine a bu chòir a leithid a chumail.

Ach is ann air ceistean eile a tha an diofar eadar na h-Uainich agus na nàiseantaich nas soilleir.

Air fracadh agus ath-leasachadh lagh an fhearainn, mar eisimpleir, tha na h-Uainich ag ràdh gu bheil polasaidh nas radagaiche a dhìth, a' moladh làn chasg air fracadh agus còirichean nas treasa aig coimhearsnachdan fearann a cheannachd.

Tha fianais na co-labhairt aca a' dearbhadh gu bheil tòrr dhaoine anns an SNP den aon bheachd.

Sgaradh

Is e tuaiream nan Uaineach gu bheil an sgaradh sin anns an SNP a' cur an cèill sgaraidh den aon seòrsa a-measg an luchd-bhòtaidh a chuireas taic ri neo-eisimeileachd.

Air cùisean eaconamach cuideachd tha an diofar sin ri fhaicinn.

Tha am pàrtaidh ag ràdh gun cruthaich iad 200,000 cosnadh ann an gnìomhachas uaine - barrachd na tha ag obair air a' Chuan a Tuath an-dràsta.

Agus air cìsean, tha na h-Uainich a' dol nas fhaide na pàrtaidh sam bith eile anns a' Phàrlamaid mu dheireadh, a' moladh ìre 43% den chìs chosnaidh airson teachd a-steach nas àirde na £43,000 agus 60% airson teachd a-steach nas àirde na £150,000.

Tha iad a' cumail a-mach gum biodh gach duine air tuarasdail nas ìsle na £26,500 na b' fheàrr dheth.

Agus, tha iad a' moladh cur as na cìse comhairle uile gu lèir.

Cothrom

Cha chòrd na beachdan seo ris a h-uile duine.

Ach chan fheum iad - is e amas nan Uaineach toirt air an fheadhainn a bhitheas a' cur taic ri polasaidhean mar seo bhòtadh air an son - na sgàthan air cleasachd nan Tòraidhean air an làimh dheis.

Uair eile, tha iomairt nan Uaineach an crochadh air bhòt an liosta, ged a tha sabaid inntinneach air fàire ann an Glaschu far a bheil Pàdraig Harvie a' sireadh taic bho mhuinntir Ceann an Iar a' bhaile agus luchd an oilthigh an aghaidh an SNP ann an Kelvin.

Tha Mgr Harvie air a ràdh gum bu mhath leis am pàrtaidh a thoirt a-steach don riaghaltas ag Holyrood, far am biodh cothrom aca cuid de bhriathran an latha an-diugh a chur an gnìomh.

Ach thuirt e, dh'fheumadh, an t-aonta ceart a bhith ann mus toireadh e taic ris.

An toiseach, feumaidh iad solas uaine fhaighinn bhon luchd-bhòtaidh.