Coinneamh mu aiseag Armadail
- Air fhoillseachadh

Coinnichidh Fòram Còmhdhail Shlèite ri riochdairean Chal Mac Diciadain, agus draghan a' sìor fhàs mun t-seirbheis aiseig eadar Armadail is Malaig.
Chaidh grunn sheirbheisean atharrachadh o chionn ghoirid air sgàth na h-aimsire agus an làin, le dùil ri tuilleadh atharrachaidhean anns na mìosan ri tighinn.
Tha cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach, ag ràdh gum bi seo a' toirt buaidh mhòir air an àite, agus gum feum CalMac innse dè tha iad a' dol a dhèanamh mu dheidhinn.
"Tha sinn a' dol a dh'fhaighneachd dhaibh dè as ciall do na tha seo," thuirt Mgr Moireach.
"An dèidh nan gealltanasan a thug iad seachad, an clàr-ama a chuir iad a-mach, agus an rudan a bha daoine a' sùileachadh bhon t-seirbheis agus nach eil e comasach dhaibh a-nise idir idir a choileanadh.
"Feumaidh iad cunntas a thoirt orra fhèin an sin, agus innse dhuinn dè 's coireach, agus a bheil càil sam bith as urrainn dhaibh a dhèanamh mu dheidhinn," thuirt e.
Dh'innis CalMac dhan BhBC gun robh iad a' cumail sùil gheur air an t-seirbheis seo.
Thuirt iad gun robh àrdachadh air a bhith ann air àireamhan an luchd-cleachdaidh sa chiad chola-deug den t-seirbheis Shamhraidh, an taca ris an aon àm an-uiridh.
Dh'aidich iad gun robh agus gum biodh an làn a' toirt buaidh air seirbheisean, ach gum b' urrainn siud a làimhseachadh, agus gun robh fhathast barrachd sheòlaidhean, le barrachd rùm air na h-aiseagan, air a bhith ann na aig an aon àm an-uiridh.