Misneachd ann am Barabhas
- Air fhoillseachadh

Tha Oighreachd Bharabhais ann an làmhan na coimhearsnachd.
Phàigh Urras Oighreachd Bharabhais còrr 's £700,000 do bhanca an uachdarain Dimàirt.
Bha strì aca faighinn chun na h-ìre seo, agus ged a tha an t-Urras ag aideachadh gu bheil obair mhòr romhpa, tha iad misneachail mu dheidhinn.
"Bha mi fhìn 's an Neach-Cathrach againn, tha sinn a-nise 12 bliadhna bho thòisich sinn air an ùpraid a tha seo," thuirt Rùnaire an Urrais, Aonghas MacLeòid.
Teachd-a-steach
"'S iomadh coinneamh a bh' againn bhon uair sin, agus seo an là a bha sinn ag iarraidh - an là a bha sinn a' ceannach na h-oighreachd.
"Tha talamh na h-oighreachd againn, agus a' mheud a tha sin, 14,000 hectare. Ann an acairean, 's e 33,000.
"'S e sgealb mhòr de dh'Eilean Leòdhais a tha sin," thuirt e.
Chan eil a' choimhearsnachd air na còirichean iasgaich a cheannach, ri linn 's gun robh iad ro dhaor. Tha dùil aca ge-tà, gum faigh iad air an ceannach uaireigin.
An-dràsta, tha iad a' cur romhpa gnothaichean a leasachadh air an talamh a tha iad air a cheannach.
"Tha dithis againn air fhastadh a-nis, a choimhead às dèidh a' ghnothaich. Agus tha duine eile againn a choimhead às dèidh dìreach rudan na h-oighreachd fhèin - na croitearan, 's a' cumail rian air a' ghnothachas," thuirt Mgr MacLeòid.
Tha dùil aig an Urras pròiseactan a chur air bhonn a bheir teachd-a-steach don choimhearsnachd às an fhearann a cheannaich iad.
"Tha e nar dùil, roth-gaoithe airson dealan a chruthachadh. Tha dùil againn sin a dhèanamh," thuirt Mgr MacLeòid.
"Bheir sin bliadhna no dhà no barrachd mus tig e gu ìre.
"'S dòcha gum faigh sinn beagan airgid a-steach ri linn a bhith a' cruthachadh dealain.
"Agus tha rudan beaga eile ann - ach 's ann gu math beag a bhios an t-airgead, ach 's ann a' tighinn a bhios e," thuirt e.
Tha an t-Urras a' tòiseachadh a-mach le eaconamaidh ionadail a tha an ìre mhath seasmhach, a rèir Mhgr MhicLeòid.
"Chan eil mi a' faicinn sluagh an àite a' crìonadh cus an-dràsta," thuirt e.
"'S e a sheallas dhut a bheil e a' crìonadh, a' chlann a tha a' tighinn a-steach dhan sgoil. Sgoil an Taobh Siar ann am Barabhas.
"Tha àireamh gu math mòr a' tighinn a-steach an ath-bhliadhna. Nas motha na bh' ann ann am bliadhnaichean eile.
"Mar sin dheth chan eil mi a' faicinn gu bheil cus crìonaidh a' tighinn ann an-dràsta co-dhiù.
"Tha an Clò Mòr gu math trang an-dràsta, agus tha mi a' creidsinn gum bi rudan eile, daoine ag obair air togalaichean 's rudan mar sin.
"Chan eil mi a' faicinn cus atharrachaidh an sin thairis air na bliadhnaichean," thuirt e.