Call an Louisa na "bhuille cruaidh"
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich an teaghlach leis an robh am bàt'-iasgaich Louisa, a chaidh fodha far Mhiughlaigh madainn Disathairne, brath ag innse mun bhròn a th' orra mu na thachair.
Bhàsaich dithis den chriutha, a chaidh ainmeachadh mar Martin Johnstone, 29, à Hàcraig ann an Gallaibh, agus Chris Moireasdan, 27, a bha a' fuireach ann an Steòrnabhagh, ach a bhuineadh dhan t-Òb sna Hearadh.
Tha an treas duine, Paul Alliston (roimhe Mac a' Mhaoilein) 42, às na Lochan ann an Leòdhas, fhathast a dhìth.
Chaidh aig a' cheathramh duine air snàmh gu creagan far an deach a thogail 's a thoirt gu sàbhailteachd le sgioba-teasairginn. Cha robh esan air a dhroch ghoirteachadh.
Thuirt teaghlaichean Dhonnchaidh agus Mhurchaidh Cheannadach, leis an robh am bàta: "'S e buille cruaidh a th' ann gun deach Paul, Chris agus Martin a chall ri linn dol fodha tubaisteach an t-soithich far Mhiughlaigh Disathairne seo chaidh.
"Tha na smuaintean, an co-fhaireachdainn agus na h-ùrnaighean againn le màthair Phaul, Wilma, agus a theaghlach ann an Steòrnabhagh, cèile Chris, Naomi, agus a' chlann aige Jessica 's Hazel, agus cuideachd a phàrantan anns an t-Òb, pàrantan Mhartin ann an Inbhir Theòrsa, agus le Lachlann 's a theaghlach, 's e a' coimhead air ais air call a dheagh charaidean.
"Bu mhath leinn taing a thoirt don choimhearsnachd air fad sna h-Eileanan Siar a th' air tighinn còmhla 's air taic a thabhann aig an àm dhuilich seo, agus sinn gu h-àraid a' toirt taing do na Maoir-Chladaich, Poilis na h-Alba, heileacoptairean teasairginn Steòrnabhaigh agus Phreastabhaig, bàta-teasairginn Bharraigh, Fionnlagh MacLeòid, RMDSS, agus a h-uile duine a chuidich leis an iomairt, gach cuid air tìr 's aig muir, bho Dhisathairne.
"Tha sinn ag obair gu dlùth le riochdairean Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara, oifigearan bho Phoilis na h-Alba, agus luchd-àrachais an t-soithich, 's iad a' leantainn orra nan sgrùdadh mionaideach air na thachair."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Giblean 2016