Tubaist rathaid air Taobh Sear Rois

B' fheudar do luchd-smàlaidh fireannach a ghearradh às a' chàr aige às dèidh tubaiste le trì carbadan air a' Ghàidhealtachd.

Thachair an tubaist faisg air ceann-rathaid Sgithich air an A9 eadar Baile Eòghainn agus Alanais mu 07:15m.

Dhùin na Poilis an rathad agus tha dràibhearan gan cur air slighean eile.