Iomairt gus sgiobair an Louisa a lorg

  • Air fhoillseachadh
BBC
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an Louisa fodha far Mhiughlaidh moch sa mhadainn Disathairne a chaidh.

Bidh eathraichean bho air feadh nan Eilean Siar an sàs ann an rannsachadh Diardaoin feuch lorg fhaighinn air an duine tha dhìth fhathast bho chaidh am bàta-iasgaich an Louisa a chall far Mhiughlaidh air an deireadh-sheachdain.

Bha Pòl Mac a' Mhaoilein, no Pòl Alliston mar is aithne do chuid e, na sgiobair air a' bhàta.

Chaidh dithis eile a bh' air bòrd a mharbhadh, agus chaidh aig a' cheathramh duine air snàmh gu creagan far an deach a lorg le luchd-teasairginn.

Tha dùil gum bi an fheadhainn leis an robh an Louisa, Murchadh is Donnachadh Ceanadach, am measg na bhios an sàs san rannsachadh.