"Cuiribh an Coir' Uisg' air ais"

An Coir' Uisg'

Dh'iarr Fòram Còmhdhail Shlèite air Caledonian Mac a' Bhriuthainn am bàt'-aiseig, Coir' Uisg', a chur air ais air an t-slighe eadar Malaig agus Armadail agus ma thèid seòlaidhean a chur dheth tron là gum biodh feadhainn a bharrachd ann air an oidhche.

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite a' gearain gu bheil maill air seirbheisean bho thòisich clàr-ama an t-Samhraidh a' dèanamh cron air an eaconamaidh.

Choinnich riochdairean bhon Fhòram ri Cal Mac Diciadain.

"Bha sinn an toiseach ag innse dhaibh mun fhìor-dhroch bhuaidh a th' aig na h-atharrachaidhean a thug iad air an t-seirbheis air a' choimhearsnachd againn 's air an sgìre gu lèir," thuirt Cathraiche na buidhne, Ruairidh Moireach.

"Gu h-àraid feadhainn a tha a' toirt seachad seirbheis airson luchd-turais anns an àite a tha seo.

"Bha feadhainn an làthair a dh'innis dhaibh sin gu math pongail.

"Thuirt sinn riutha cuideachd nach robh an clàr-ama a chuir iad a-mach cothromach, agus nach robh na bàtaichean a bha iad a' cleachdadh air an t-slighe comasach air an clàr-ama a bha sin a lìbhrigeadh.

"An lùib sin thuirt sinn riutha gun robh sinn ag iarraidh dà rud gu sònraichte.

"'S e sin gun toireadh iad air ais an Coir' Uisg' a bh' againn bho chionn 12 bhliadhna 's a thug seirbheis cho math dhuinn - agus tha sinn cuideachd a' faighinn taic airson sin bho Iain Blackford am Ball-Pàrlamaid.

"Thuirt sinn cuideachd riutha, mura gabhadh sin a bhith dèante, gum feumadh iad, nuair a bhiodh seirbheisean air an cur dheth air sgàth na tìde-mhara a-mach tron là, gum bu chòir dhaibh a bhith a' toirt tuilleadh sheirbheisean seachad feasgar agus am beul na h-oidhche airson dèanamh suas airson a' chall a bha sin.

"Thuirt iad rinn gun gabhadh iad beachd air a h-uile càil a bha sinn a' cantainn riutha, agus gun tigeadh iad air ais thugainn 's mathaid ann an ceann seachdain no mar sin," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo