Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sgoiltean Dhùn Èideann

Thuirt ceannard bhaile Dhùn Èideann gum faodadh gum bi cuid de na 17 sgoiltean a tha an-dràsta dùinte ri linn draghan sàbhailteachd a' fuireach dùinte 'son greis. Bha Anndra Burns a' bruidhinn agus aithrisean gum bi cuid dhiubh dùinte chun an t-Samhraidh co-dhiù. Dhearbh a' Chomhairle gun deach trioblaidean a lorg anns a h-uile sgoil a chaidh a thogail tron phròiseact PPP.

Ionnsaigh Inbhir Nis

Tha dùil gun nochd dithis anns a' Chùirt ann an Inbhir Nis an-diugh fhathast fo chasaid an co-cheangail ri mar a chaidh fear fhaighinn air Rathad Allt na Muilne sa bhaile agus e air a dhroch-ghoirteachadh. Chaidh fear aois 20 bliadhna a chur fo chasaid ionnsaigh a dhèanamh agus feuchainn ri bacadh a chur air ceartas. Tha boireannach aois 21 fo chasaid gun do dh'fheuch i ri bacadh a chur air ceartas. Tha an duine a bh' air a ghoirteachadh fhathast gu math ìosal san ospadal ann an Obar Dheathain.

An Louisa

Tha bàtaichean bho air feadh nan Eilean Siar an sàs ann an rannsachadh an-diugh feuch lorg fhaighinn air an duine a tha a dhìth fhathast bho chaidh am bàt'-iasgaich an Louisa fodha air an deireadh-sheachdain. Bha Pòl Mac a' Mhaoilein na sgiobair air a' bhàta. Chaidh dithis eile a bh' air bòrd a mharbhadh, agus chaidh aig a' cheathramh duine air snàmh gu creagan far an deach a lorg le luchd-teasairginn. Tha dùil gum bi an fheadhainn leis an robh an Louisa an sàs anns an rannsachadh sin an-diugh.

An t-Aonadh Eòrpach

Chuir Jeremy Corbyn, ceannard nan Làbarach, a thaic ri Breatainn a bhith a' fuireach anns an Aonadh Eòrpach 's e a' bruidhinn ann an Lunnainn anns an uair de thìde a dh'fhalbh. Rinn Mgr Corbyn càineadh air an Aonadh Eòrpach, ach thuirt e gu bheil sinn nas fheàrr dheth fhad 's a tha sinn mar phàirt dheth. Tha cuid de Bhuill-Phàrlamaid nan Làbarach fhèin air a bhith a' fàgail air a' cheannard aca nach robh e air iomairt mhòr gu leòr a dhèanamh mar thaic air an iomairt gus fuireach anns an AE.

Sheffield

Chaidh còignear oifigear poilis a ghoirteachadh, aonan dhiubh gu dona, an dèidh ùpraid ann an Sheffield an-raoir. Tha e coltach gun robh fear le làmhag an lùib na cùise ann an sgìre Gleadless Valley den bhaile beagan an dèidh 8:00f an-raoir. Chaidh an duine, a tha eadar 30 agus 40 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim fo amharas feuchainn ri murt a dhèanamh.

RBS

Dh'innis am banca RBS anns na beagan mhionaidean a dh'fhalbh gu bheil iad a' gearradh 600 cosnadh ann an roinn creic a' bhanca. Tha iad cuideachd a' dol a dhùnadh còrr air 30 meur den bhanca tha e coltach.

An A9

B' fheudar do luchd-smàlaidh neach a ghearradh amach à carbad a bh' ann an tubaist air an A9 an-diugh sa mhadainn. Bha trì carbadan an sàs anns an tubaist faisg air ceann-rathaid Sgitheach, eadar Baile Eoghain agus Alanais air Taobh Sear Rois. Thachair an tubaist mu 07:15m an-diugh.