Àraich Chùil Lodair ga sganadh

  • Air fhoillseachadh
Sganadh Lidar

Tha Àraich Chùil lodair ga sganadh le uidheamachd leusair gus modal mionaideach a chruthachadh de chruth na tìre 270 bliadhna bho chuireadh an cath.

Tha arc-eòlaichean bho Urras Nàisteanta na h-Alba a' cleachdadh teicneòlais ùir gus am modal didseatach a dhèanamh.

Chaidh gathan leusair a losgadh gu plosgartach bho itealan airson am modal a chruthachadh.

Canar Aerial Lidar (Light Detection and Ranging) ris an teicneòlas.

Thathas an dòchas gun nochd na gathan leusair dust nan daoine a thuit sa bhlàr fhuilteach.

Chuireadh an cath air 16mh an Giblean 1746, le arm nan Seumasach fon Phrionnsa Teàrlach a' call gu dona ri arm an Riaghaltais fo Dhiùc Chumberland, Uilleam Augustus.

Leig an talamh a bha na Seumasaich air a thaghadh le arm an Riaghaltais gunnaichean mòra agus eachrachd a chur am feum, gun a bhith a' toirt buannachd sam bith do na feachdan Seumasach, dham b' fheudar ruith thairis air mòitich fhosgailte, rèidh a-steach gu frasan luaidhe a loisg an t-Arm Dearg orra.

B' e an t-aon turas a chleachdadh canan-froise ann am Breatainn.

Bidh na gathan leusair a' tomhas air na mìltean phuingean gach diog gus dealbh gu math mionaideach a chruthachadh de chruth na tìre, a' sealltainn àite sam bith far a bheil mac-an-duine air cruth na tìre atharrachadh.

Chaidh na daoine a bhàsaich a thiodhlacadh air an àraich, agus tha na h-uaighean mòra a rinneadh dhaibh rim faicinn gu soilleir san dealbh gu h-àrd.

Thuirt Stefan Sagrott, a tha na oifigear dàta arc-eòlais aig Urras Nàiseanta na h-Alba: "Tha seo a' toirt dhuinn sealladh gu tur ùr air Àraich Chùil Lodair, nach fhaca sinn riamh roimhe. 'S e rud mòr dha-rìribh a tha sin.

"Thèid againn air dàta an Lidar a shìoladh gus cuid de chraobhan, mar eisimpleir, a tha a' fàs ann an-diugh, a thoirt air falbh.

"Dh'fhaodadh gun leig seo leinn stuth fhaicinn a tha am falach an-dràsta fo na craobhan."

Thuirt Mgr Sagrott gun do thog an sganadh cuideachd àiteachan eachdraidheil eile, leithid Cùirn Chlabha, agus gun deadh coimhead ris na h-àiteachan sin cuideachd.