Dà bhòt, dà roghainn
Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter
- Air fhoillseachadh
Bidh dà bhileig aig a h-uile neach-bhòtaidh ri lìonadh.
Air a' chòigeamh latha den Chèitean thèid muinntir na h-Alba do na h-ionadan-bhòtaidh, a' choigeamh uair o stèidheachadh na Pàrlamaid Albannaich ann an 1999.
Uair eile, bidh dà bhòt aig a h-uile duine.
Thèid iarraidh oirnn roghainn a dhèanamh air dà bhileig fa leth - tè bhuidhe agus tè phurpaidh.
Air a' chiad tè, bidh sinn a' taghadh tagraiche airson na sgìre againn.
Air an dàrna tè, cuiridh sinn taic ri pàrtaidh, no tagaiche neo-eisimeileach airson na roinne againn.
Às dèidh 17 bliadhna, dh'ionnsaich na pàrtaidhean agus am pobal ciamar a chuireas iad an siostam seo gu feum.