Tubaist-rathaid mhairbhteach an Gallaibh

  • Air fhoillseachadh
An tubaistTùs an deilbh, JASPERIMAGE

Dh'ainmich na Poilis fireannach a chaidh a mharbhadh ann an tubaist air an A9 ann an Gallaibh oidhche Ardaoin.

Chaidh a dhearbhadh gun robh Dean Meiklejohn, 26, a bhuineadh do dh'Inbhir Theòrsa agus a bha a' dràibheadh Ford Fiesta, marbh aig an làraich.

Cha deach am boireannach a bha a' dràibheadh a' chàr eile, Nissan Quashqai, a ghoirteachadh.

Thachair an tubaist goirid an dèidh 7:00f air iomall Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh.

Chaidh an rathad a dhùnadh gach taobh fhad 's a bha na Poilis a' rannsachadh na thachair.

Tha na Poilis ag iarraidh bruidhinn ri duine sam bith a bh' air an A9 air iomall Inbhir Theòrsa mu 7:00f Diardaoin.