Iomairt an Louisa gus leantainn

Thuirt na Poilis gun lean iomairtean, ma bhios an cothrom ann, gus lorg fhaighinn air an duine tha fhathast a dhìth bhon bhata-iasgaich, an Louisa.

Bha uiread ri 30 eathar bho air feadh nan Eilean Siar an sàs san iomairt aig muir Diardaoin gus lorg fhaighinn air Paul Mac a' Mhaoilein, no Paul Alliston, mar is athne do chuid e.

Chaill dithis eile am beatha nuair a chaidh am bàta fodha faisg air Miughlaigh Disathairne a chaidh, le aon duine bhon chriùbha a' faighinn às beò.

Tuilleadh air an sgeulachd seo