Ath-Leasachadh Fearainn ann an iomairt an taghaidh

  • Air fhoillseachadh
FearannTùs an deilbh, Thinkstock

Nì riaghailtean ùra a thaobh cò leis a tha fearann na h-Alba "soillseachadh" air cùisean, às dèidh sgaoileadh Phàipearan Phanama, thuirt Nicola Sturgeon.

Ach thuirt Pàrtaidh Uaine na h-Alba nach robh an SNP ach "a' feuchainn ri toirt air daoine smaoineachadh gur e gealltanas radaigeach a bh' ann an reachdas a th' ann mar thà".

Cuideachd ann an iomairt an taghaidh Diardaoin, dh'fhoillsich Libearalaich Dheamocratach na h-Alba am manifesto aca.

Agus rinn na Tòraidhean agus na Làbaraich càineadh air clàr an SNP mar riaghaltas.

Thuirt a' Bh.Ua. Sturgeon gun cumadh i co-chomhairle air Clàr Chom-pàirtean Seilbhe a chruthachadh mar fhear de na prìomh rudan a dhèanadh i ma thèid an SNP a thilleadh mar riaghaltas air 5mh an Cèitean.

Thuirt i gun cuireadh an clàr "soillse air a' chuspair riatanach - cò leis a tha Alba".

"Tha Pàipearan Phanama air cuid de na gnothaichean timcheall air sealbh gun urra air fearann a thoirt am follais - gidheadh, cha bu chòir gum bi muinntir na h-Alba an eisimeil air làmh-sgrìobhainnean sgaoilte airson faighinn a-mach cò leis a tha Alba."

Chuir an Riaghaltas SNP mu dheireadh Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn (Alba) troimhe na bu thràithe air a' bhliadhna, ach rinn cuid - feadhainn sa phàrtiadh fhèin nam measg - càineadh air an reachdas, ag ràdh nach robh e làidir gu leòr.

Fo-thiotal an deilbh,
Thadhail a' Bh.Ua. Sturgeon air taigh-staile sineabhair ann am Baile nan Granndach.

Thuirt a' Bh.Ua. Sturgeon, a bha a' tadhal air taigh-staile sineabhair ann am Baile nan Granndach mus do nochd i ag iomairt ann am meadhan Inbhir Nis, gum biodh i "a' seasamh airson a h-uile coimhearsnachd ann an Alba" ma thèid a tilleadh mar Phrìomh Mhinistear.

Ach thuirt tagraiche Uaineach, Andy Wightman, a th' air a bhith ag iomairt o chionn iomadh bliadhna air ath-leasachadh fearainn: "Tha am foillseachadh seo bhon SNP na oidhirp air coltas gealltanais radaigich a chur air reachdas a th' ann mar thà.

"Tha Clàr nan Com-pàirtean Seilbhe mar thà na riatanas laghail fo Phàirt 3 de dh'Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn (Alba) 2016.

"Tha an SNP ag ràdh, ma thèid an tilleadh mar riaghaltas, gun cùm iad ris an lagh - sin uile 's. Feumaidh riaghaltas sam bith cumail ris an lagh."

Nochd co-fhear-gairm a' phàrtaidh, Pàdraig Harvie, còmhla ri luchd-iomairt a tha a' togail fianais an aghaidh leasachaidh air fearann crios-uaine faisg air Sruighlea.

Ann an Siorrachd Obar Dheathain choinnich ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, ri tuathanaich a tha fhathast a' feitheamh air airgead subsadaidh an CAP.

Thuirt i gu bheil figearan aig NFU na h-Alba a' sealltainn gun robh cha-mhòr an treas cuid de thuathanaich fhathast a' feitheamh air an taic-airgid an t-seachdain seo chaidh, ag ràdh gur e "trioblaid a chruthaich Riaghaltas an SNP" a bh' ann.

"Tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn beò-shlàint dhaoine, agus fear de phrìomh raoinean na h-eaconamaidh, ach thug an SNP an sùil far na cùise seo, agus iomadh cùis eile," thuirt i.

Thadhail ceannard nan Làbarach an Alba, Kezia Dugdale, air buidhinn bhall-coise òigridh ann an Dùn Èideann a dh'fhoillseachadh phlanaichean gus gearraidhean air sgoiltean agus seirbheisean cloinne a stad.

Thuirt i, fon SNP, gun cuireadh gearraidhean buidseit clubaichean spòrs às dèidh sgoile, agus gnothaichean eile den leithid ann an cunnart.

Thuirt a' Bh.Ua. Dugdale gun dèanadh na Làbaraich "co-dhùnaidhean diofraichte agus nas cothromaiche" air cìsean, a' cur às do ghearradh cìse don phrìomh 1%, agus a' stèidheachadh àrd-ìre chìse de 50sg do dhaoine a tha a' cosnadh còrr air £150,000 sa bhliadhna.

Agus dh'fhoillsich Libearalaich Dheamocratach na h-Alba am manifesto aig ionad cluiche bhuig ann an Dùn Èideann, far an do dh'innis iad mu na planaichean aca gus £500m a thogail airson "cruth-atharrachadh" a thoirt air foghlam, le bhith ag àdrachadh cìs an teachd-a-steach 1sg.

Tha am manifesto cuideachd ag innse mu mholaidhean gus piseach a thoirt air cùram slàinte-inntinn, leudachadh mòr air àiteachan an asgaidh ann an sgoiltean àraich, agus gealltanas gun cuireadh iad às do ghearraidhean air colaistean na h-Alba.

Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhoillsich Libearalaich Dheamocratach na h-Alba am manifesto aig ionad cluiche bhuig ann an Dùn Èideann