Caisteal Chàrbasdail air a' mhargaidh às ùr

  • Air fhoillseachadh
Caisteal ChàrbasdailTùs an deilbh, Sotheby's

Chaidh Caisteal Chàrbasdail a chur air a' mhargaidh a-rithist as dèidh mar a thuit aonta le companaidh leasachaidh às a chèile.

Bha dùil gun robh an luchd-leasachaidh a' dol a chruthachadh taigh-òsta spaideil san t-seann òstail òigridh.

Chaidh an caisteal, anns a bheil 40 seòmar cadail, a chur air a' mhargaidh air prìs £900,000.

Dhùin Comann Òstail Òigridh na h-Alba an caisteal mu chòig bliadhna air ais air sgàth chosgaisean obair-càraidh.

Bhon uairsin, chaidh obair ealain luachmhor a' chaisteil a reic agus bha an comann a' sùileachadh a reic ri luchd-leasachaidh.

Ach tharraing Aberdeen Capital Eta. a-mach às an aonta nas tràithe air a' mhìos, agus thathar ga reic aon uair eile.

Bha e air a' mhargaidh rona seo aig £1.2m.

Togalach Eachdraidheil

B' i Ban-Diùc Chataibh a thog an caisteal tràth anns na 1900an an dèidh àimhreit san teaghlach.

Chaidh òstail òigridh a dhèanamh dheth an dèidh an Dàrna Cogaidh.

Bhiodh na mìltean luchd-turais a' tadhal ann gach bliadhna agus tha mar a chaidh a dhùnadh, a thuilleadh air droch theine a mhill ionad Eas Shìn, air buaidh gu math mòr a thoirt air an eaconamaidh ionadail.