Tagradh mu bhàs anns a' Chaol

Caladh Chaol Loch Aillse Image copyright Phil Champion/Geograph
Image caption Chaidh am fireannach a lorg faisg air Caladh Chaol Loch Aillse ann an uairean beaga na maidne Disathairne

Tha na poilis a' rannsachadh bàs ann an Caol Loch Aillse air an deireadh-sheachdain.

Chaidh fireannach, aois 61, a lorg na laighe faisg air caladh a' bhaile tràth madainn Disathairne, agus thugadh dhan ospadal e far an do chaochail e Là na Sàbaid.

Thuirt na poilis gun robh an duine air a bhith ann am bùth a' Cho-op agus ann an Taigh-òsda Loch Aillse feasgar Dihaoine, agus gun robh iad airson bruidhinn ri duine sam bith a bha san sgìre timcheall air a' chidhe Oidhche Haoine no tràth madainn Disathairne.