Toidhlacadh fear de chriùbha an Louisa
- Air fhoillseachadh
Chaidh fear dhe na h-iasgairean a chailleadh leis a' bhàta an Louisa bho chionn còrr air seachdain a thiodhlacadh air an deireadh-sheachdain.
Bha seirbheis an tiodhlacaidh aig Chris Moireasdan ann an Scarastadh anns na Hearadh.
Bha e fhèin agus Màrtainn MacIain à Gallaibh air am marbhadh san tubaist, agus tha sgiobar an Louisa, Pòll Mac a' Mhaoilein, no Alliston, fhathast a dhìth.
Chaidh oidhirp eile a dhèanamh air an deireadh-sheachdain lorg fhaighinn air.
'S aon duine dhen cheathrar chriùbha a thàinig beò às a' chùis.