Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Giblean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

EU

Chuir an Seansalair, Seòras Osborne, dìon air aithisg do Roinn an Ionmhais a tha ag ràdh gun cuireadh bhòt airson falbh às an Aonadh Eòrpach maill mhòr air eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte. Tha an aithisg ag ràdh gum biodh teachd-a-steach na dùthcha 6% nas lugha an ceann 15 bliadhna le bhòt airson fàgail. Tha an iomairt airson fàgail ag ràdh nach eil an seo ach aithisg mhearachdach eile bhon Riaghaltas.

ECUADOR

Thuirt an ceann-suidhe ann an Ecuador, Rafael Correa, gu bheil dearbhadh ann a-nis gun do chaill càrr is 270 duine am beatha sa chrith-thalmhainn Disathairne, agus a h-uile dùil ri àireamh nas motha fhathast. Thuirt e gur i seo a' chrith-thalmhainn as miosa ann an Ecuador bho chionn faisg air 70 bliadhna.

IAPAN

Thuit luach nan earrannan ann an Iapan an dèidh dà chrith-thalmhainn mhòr ann an ceann a deas na dùthcha air an deireadh-sheachdainn. Dhùin a Nikkei ann an Tokyo sìos cha mhòr 3.5%.

STÀILINN

Tha Rùnaire a' Ghnothachais, Sajid Javid, agus riochdairean bho chòrr is 30 dùthchannan eile anns a' Bhruiseal an-diugh a' deasbad na h-èiginn ann an gnìomhachas na stàilinn air feadh an t-saoghail. Tha iad ag amas air nas lugha stàilinn a chur air a' mhargaidh, gu h-àraidh stàilinn à Sìona.

PISTORIUS

Thuirt cùirt ann am Pretoria ann an Afraga a Deas gur ann san Òg-mhìos a thèid binn air Oscar Pistorius airson murt a leannan Reeva Steenkamp. Thèid binn 13 bliadhna sa phrìosan, air a' char as giorra, air an lùth-chleasaiche paraliompaig.

BÀS

Tha poilis a' rannsachadh bàs duine ann an Caol Loch Aillse air an deireadh-sheachdainn. Bha an duine, a bha 61, air a bhith na laighe airson ùine air a' chidhe ann an uairean tràth na maidne Disathairne mus deach a thoirt dhan ospadal far an do chaochail e.