Dh'fhaodadh luchd radio-beò sgèith à Alba

  • Air fhoillseachadh
Ionad Niuclasach Dhùn RathTùs an deilbh, Thinkstock

Thuirt Ùghdarras an Dì-coimiseanadh Niuclasaich (NDA) gum faodadh stuth radio-beò a bhith air a sgèith a-mach à Alba a dh'Aimeireagaidh.

Pàighidh an NDA airson obair leasachaidh aig Port-adhair Inbhir Ùige Thaigh 'an Ghròt.

Tha am port-adhair mu 30 mìle bho Ionad Niuclasach Dhùn Rath.

Tha an leasachadh seo a' ciallachadh gun gabh am port-adhair itealain tòrr nas motha.

Tha seo a' tighinn às dèidh do Bhreatainn aonta a dhèanamh leis na Stàitean Aonaichte airson sgudal niuclasach à Dùn Rath a chur dha na Stàitean airson a ghlanadh.

Mu choinneamh sin, cuiridh Aimeireagaidh uranium fìor-ghlan air ais dhan Roinn Eòrpa far an tèid a chleachdadh ann an obair mheidigeach, a' dearbhadh agus a leigheas aillse.

Thuirt fear-labhairt do Phort-adhair Inbhir Ùige gur ann air an oidhche a bhios an obair air an raon-laighe ga dhèanamh.

Tòisichidh an obair ro dheireadh na mìos, le dùil gum bi a' phròiseict deiseil ron Lùnasdal am bliadhna.