Cùmhnant mòr do chompanaidhean beaga grùdaidh
- Air fhoillseachadh

Bidh leann le WooHa am measg an fheadhainn a bhios Asda a' reic
Fhuair trì companaidhean beaga grùdaidh air Ghàidhealtachd cùmhnantan leis a' chompanaidh mhòir bhùithtean Asda.
Tha Taigh-grùdaidh an Eilein Sgitheanaich, WooHa a tha stèidhichte ann an Inbhir Narann, agus Taigh-grùdaidh Loch Nis am measg 13 companaidhean a chur an ainmean ri cùmhnant le Asda luach còrr air £850,000.
Tha Asda mothachail gu bheil fèill mhòr air leann bho chompanaidhean neo-eisimeileach an-diugh.
Bidh an t-aonta a' ciallachadh gum bi 25 seòrsaichean leanna ùra aca.
Tha na companaidhean a leanas mar phàirt dhen aonta:
- Deeside Brewery (Beannchar)
- Eden Mill Brewery (Cille Rìmhinn)
- Jaw Brew (Glaschu)
- Knops Beer Company (Lodainn an Ear)
- Lerwick Brewery
- Stewart Brewing (Dùn Èideann)
- Loch Lomond Brewing (Am Magh Leamhna)
- WooHa Brewing Company (Inbhir Narann)
- WEST Brewing (Glaschu)
- Isle of Skye Brewing Co. Ltd.
- Loch Ness Brewery
- The Kelburn Brewing Company (Ceann a' Bharra)