Maill air iomairt mhuinntir Bheàrnaraigh

  • Air fhoillseachadh
Drochaid BheàrnaraighTùs an deilbh, Geograph David Purchase

Chaidh maill air muinntir Bheàrnaraigh Leòdhais san iomairt aca son sealbh fhaighinn air an cuid fearainn.

Dh' fhailich orra fhèin agus air an uachdaran tighinn gu aonta mu luach na h-oighreachd ron cheann-là a bh' aca son airgead fhaighinn bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Gabhaidh iad brath a-nis air laghan ath-leasachaidh an fhearainn far am faigh iad a' chiad chothrom air an talamh ma bhios an t-uachdaran airson a reic.

Fad 50 bliadhna, bha Beàrnaraigh ann an làmhan Count Robin de la Lanne-Mirlees, ach nuair a bhàsaich e dh' fhàg e an oighreachd dha ogha, Cyran de la Lanne.

Tha an oighreachd a' toirt a-steach Beàrnaraigh Mòr, le mu 250 luchd-còmhnaidh, agus Beàrnaraigh Beag far nach eil duine a' fuireach.

Dèonach a reic

Tha an teaghlach deònach an oighreachd a reic ris a' choimhearsnachd a bha a' tabhann £70,000 air a son.

Ach bha cnap-starra ann - cha robh an t-uachdaran ach airson Beàrnaraigh Mòr a reic agus dùil aige gum faigheadh e barrachd airgead son Beàrnaraigh Beag air a' mhargaidh fhosgailte.

Chaidh £100,000 a ghealltainn dhaibh le Stòras Fearainn na h-Alba ach mus faigheadh iad e, bha gu deireadh a' Mhàirt am bliadhna aca a thighinn gu aonta le athair Cyran de La Lanne, Pàdraig, fear-lagh sa Ghearmailt, a tha ag obair as leth a' mhic.

Dh' aontaich a' choimhearsnachd gun ceannaicheadh iad Beàrnaraigh Mòr a-mhàin agus gum bruidhneadh iad a-rithist mu bhi a' faighinn sealbh air Beàrnaraigh Beag.

Dh' fhàg sin gun do chaill a' choimhearsnachd cothrom air an airgead son an talamh a cheannach.

Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn

Tha iad a-nis a' cleachdadh pàirt a dhà de dh' Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn, a tha a' ciallachadh gum feum an t-uachdaran an talamh a thabhann orrasan ma tha e airson a reic.

Dhearbh luchd-lagha Phàdraig de la Lanne gu robh e a' sireadh a' mheasaidh aige fhèin air luach na h-oighreachd agus gun robh dùil gun tilleadh e gu muinntir Bheàrnaraigh nuair a bhios sin aige.

Thuirt e cuideachd gur e a bu mhiann leis fhathast gur ann fo shealbh na coimhearsnachd a bhiodh e air a' cheann thall.