Càrlabhagh sa chuairt dheireannaich de Chupa an Acres
- Published
Chaidh Càrlabhagh troimhe chun na cuairt deireannaich de Chupa an Acres an dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Nis 3-1 Oidhche Luain.
Gheibh iad a-mach Oidhche Chiadain cò a thèid nan aghaidh airson a' chopain.
Bha Chàrlabhagh 2-0 air thoiseach aig leth-ùine an dèidh tadhail bho Ross MacÌomhair agus Kenny 'Docus' Dòmhnallach.
Bha e 3-0 goirid an dèidh leth-ùine agus Archie Dòmhnallach a' faighinn tadhal eile.
Agus ged a fhuair sgioba Nis tadhal anns na deich mionaidean mu dheireadh - cha robh sin gu leòr airson stad a chur air sgioba Chàrlabhaigh.
Chaidh stad a chur air a' gheam son ùine ge-tà, agus dragh ann gu robh fear de chluichdearan Nis air a chas a bhristeadh.
Chaidh a dhearbhadh as dèidh a' gheam ge-tà nach do bhrist Alasdair Moireasdan a chas.
Thèid an iar-chuairt deireannach eile eadar an Taobh Siar agus sgioba an Rubha a cluiche Oidhche Chiadain ann am Barabhas aig 6:30f.