CalMac 'ag obair' air duilgheadasan an MV Finlaggan
- Published
Thuirt a chompanaidh-aiseig CalMac gu bheil iad ag obair air trioblaid teicnigeach a th' air nochdadh air an MV Finlaggan.
Tha am bàta-aiseig a' frithealadh air Eilean Ìle, ach tha duilgheadas air a bhith ann leis an leth-deic a bharrachd airson càraichean o'n a thill i an dèidh obair-càraidh.
Cha ghabh a cleachdadh, a' ciallachadh gu bheil lùghdachadh de 20% air an àireamh chàraichean as urrainnear a ghiùlain.
Tha Comataidh Aiseigean Ìle is Diùraidh am-measg na th' air draghan a thogail mun chùis.
Draghan
Thuirt Jim Porteous, rùnaire na buidhne, gum bi seo na dhuilgheadas mòr as t-samhradh nuair a nochdas an tuilleadh luchd-siubhail.
"Tha an deic a tha seo deatamach dhuinne nuair a tha cùisean trang", thuirt Mgr Porteus.
"Bheir seo buaidh gu h-àraidh gach Disathairne nuair a tha tòrr dhaoine a' falbh sa tighinn as an Eilean", thuirt e.
Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad ag obair leis a' chompanaidh leis a bheil an inneal - ann an iomairt a chuir ceart.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad mothachail air a' chuideam a bhios air seirbheisean san àm ri teachd.